index.php PHP script text
Trath bhliadhnaichean - 07557481075
Sgeama Pàrant - 01463-234138
Clasaichean - 01463 724278
Òigridh - 01397-701988
Fèisean - 01397 704132
Rianachd - 01463-234138
Tha sinn a' brosnachadh Foghlam Gàidhlig - Bun-sgoil aig ìre bhun-sgoil ann an Àth Tharracail, Malaig agus anns a' Ghearasdan. Gheibh thu fiosrachadh agus taic bhon Iomairt agus Comann nam Pàrant.
Tha gu leòr Spòrs Gàidhlig leis an Iomairt le cur-seachadan agus fèisean air feadh na sgìre. Seo fiosrachadh airson Òigridh le tachartasan, spòrs agus cothroman eile.
Tha trì Àrd-sgoitean ann an Loch Abair a bhios a' tabhann diofair chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig. Tha an Iomairt airson gum fàs seo agus a' cumail taic ris na sgoiltean.
Do phàrantan le chloinne òg, tha fiosrachadh againn air seirbheisean buidhnean pàrant 's pàiste, croileagain agus cùram-chloinne tro mheadhan na Gàidhlig. Tha Trath-bhliadhnaichean cudromach ann an dà-chànanas agus ath-bheothachadh na Gàidhlig.
A bheil thu airson Gàidhlig ionnsachadh? Tha clasaichean Ùlpan agus eile ann an Loch Abair a bharachd air tachartasan neo-fhoirmeil airson do chuid Ghàidhlig a chleachdadh. Bidh sinn a' cur thursan air dòigh do luchd-ionnsachaidh cuideachd. Ionnsachadh Inbhich.
Bu chòir do phàrantan le ùidh ann am foghlam Gàidhlig bruidhinn ris na sgoiltean cho luath 's urrainn. Feumar clàradh ro dheireadh a' Ghearrain. Tha an Iomairt airson taic a thoirt do phàrantan le ùidh agus tha Comhairlichean Pàrant againn airson taic 's eòlas a thoirt seachad - Sgeama Comhairlichidh nam Pàrant
Tha an Iomairt air a bhith stèidheachadh Duais Iain Muir ann an Gàidhlig do sgoilearan Loch Abair. An dràsta tha seo fosgailte do luchd-ionnsachaidh agus fileantaich ann an Àrd-sgoil Àird nam Murchan agus Mhalaig. Faic Òigridh airson tuilleadh fiosrachaidh.
Bidh clasaichean Ùlpan a' toiseachadh anns na mìosan ri thighinn. Faic Ionnsachadh Inbhich airson tuilleadh fiosrachaidh. Tha cuideachd diofar thachartasan gan cur air dòigh gus taic a chumail ri luchd-ionnsachaidh. Cum sùil air a' chlàr-tachartasan airson fiosrachadh.
Bidh an ath-choinneamh den Bhuidheann-Stiùiridh a' gabhail àite sa Ghearasdan, An Claigeann aig Ionad na Drochaid, 23 Gearran 7f. Thèid lèirmheas a dhèanamh air adhartas bhon choinneamh mu dheireadh agus sùil a thoirt air planaichean-obrach agus a' bhuidseat-sgìreil. Fàilte oirbh!
| No events |