Trath bhliadhnaichean - 07557481075
Sgeama Pàrant - 01463-234138
Clasaichean - 01463 724278
Òigridh - 01397-701988
Fèisean - 01397 704132
Rianachd - 01463-234138
Tha Iomairt Ghàidhlig Loch Abair a' cur prìomhachas air òigridh agus airson cothroman a thoirt dhaibh gus Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean spòrsail. Bidh sinn ag obair gu dluth le sgoiltean na sgìre an dà chuid le fileantaich agus luchd-ionnsachaidh.
FèiseanTha na Fèisean gu math làidir ann an Loch Abair le taic mhòr bhon choimhearsnachd. Tha eachdraidh fada, phrìseil sa sgìre le òigridh a' dol air adhart agus na sgilean agus eòlas ùr a chleachdadh gus beòshlainte a dhèanamh. Tha Fèisean nan Gàidhlig gu math an sàs ann an Iomairt Ghàidhlig Loch Abair agus oifigear làn-ùine aca sa sgìre. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air an àireamh gu h-àrd.
Bidh buidhnean na h-Iomairt a' libhrigeadh Teisteanas Iain Muir ann an Gàidhlig sa chiad phàirt de 2012. 'S e proiseact pileat a tha seo far a bheil deugairean a' gabhail pàirt ann an seiseanan Gàidhlig stèidhichte air sgìrean fàsaich agus an uairsin a' coinneachadh ri òigridh eile a tha air a bhith ris an aon rud sa sgìre aca fhèin.
Ann an Loch Abair, bidh deugairean a' gabhail pàirt ann an seiseanan spòrs, glèidhteachais agus dràma, an dà chuid air an taobh a-muigh agus an taobh a-staigh. Aig deireadh a' phrograim bidh na deugairean fhèin a' cur air dòigh agus a' stiùireadh chuairt bheag sa sgìre do theaghlaichean aig a bheil Gàidhlig.
San fharsaingeachd, bidh e spòrsail, beòthail, a-muigh agus a-staigh le dùbhlan agus togarach - uile tro mheadhan na Gàidhlig. Fiosrachadh a bharrachd bho ChnaG air 01463-234138