Iomairt Ghàidhlig Loch Abair
Lochaber Gaelic Initiative

Àireamhan

Trath bhliadhnaichean - 07557481075

Sgeama Pàrant - 01463-234138

Clasaichean - 01463 724278

Òigridh - 01397-701988

Fèisean - 01397 704132

Rianachd - 01463-234138

Cànan

Artaigealan

Tha Iomairt Ghàidhlig Loch Abair a' cur prìomhachas air òigridh agus airson cothroman a thoirt dhaibh gus Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean spòrsail. Bidh sinn ag obair gu dluth le sgoiltean na sgìre an dà chuid le fileantaich agus luchd-ionnsachaidh. 

Fèis Loch AbairFèisean

Tha na Fèisean gu math làidir ann an Loch Abair le taic mhòr bhon choimhearsnachd. Tha eachdraidh fada, phrìseil sa sgìre le òigridh a' dol air adhart agus na sgilean agus eòlas ùr a chleachdadh gus beòshlainte a dhèanamh. Tha Fèisean nan Gàidhlig gu math an sàs ann an Iomairt Ghàidhlig Loch Abair agus oifigear làn-ùine aca sa sgìre. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air an àireamh gu h-àrd. 

Teisteanas Iain Muir ann an Gàidhlig

Iain MuirBidh buidhnean na h-Iomairt a' libhrigeadh Teisteanas Iain Muir ann an Gàidhlig sa chiad phàirt de 2012. 'S e proiseact pileat a tha seo far a bheil deugairean a' gabhail pàirt ann an seiseanan Gàidhlig stèidhichte air sgìrean fàsaich agus an uairsin a' coinneachadh ri òigridh eile a tha air a bhith ris an aon rud sa sgìre aca fhèin. 

Ann an Loch Abair, bidh deugairean a' gabhail pàirt ann an seiseanan spòrs, glèidhteachais agus dràma, an dà chuid air an taobh a-muigh agus an taobh a-staigh. Aig deireadh a' phrograim bidh na deugairean fhèin a' cur air dòigh agus a' stiùireadh chuairt bheag sa sgìre do theaghlaichean aig a bheil Gàidhlig. 

San fharsaingeachd, bidh e spòrsail, beòthail, a-muigh agus a-staigh le dùbhlan agus togarach - uile tro mheadhan na Gàidhlig. Fiosrachadh a bharrachd bho ChnaG air 01463-234138

Facebook Image