Trath bhliadhnaichean - 07557481075
Sgeama Pàrant - 01463-234138
Clasaichean - 01463 724278
Òigridh - 01397-701988
Fèisean - 01397 704132
Rianachd - 01463-234138
Tha Gàidhlig san dachaigh na dhublan do phàrant sam bith le buaidh na Beurla cho làidir. Ma tha Gàidhlig aig pàrant sam bith bu chòir dhaibh a cleachdadh ma tha iad airson gum bi Gàidhlig aig a' chuid chloinne. Tha an Iomairt a' toirt diofar bhuidhnean agus ghoireasan còmhla gus taic a chumail ri pàrantan.
Tha sinn a' moladh an làrach-lìn Gaelic4Parents far a bheil tòrr ghoireasan 's taic: www.gaelic4parents.com
Buidhnean Pàrant 's Pàiste
Tha buidheann pàrant 's pàiste sa Ghearasdan far a bheil cothrom aig pàratan taic fhaighinn le Gàidhlig agus cothrom cluiche do chloinne.
An Cearcall, Ath Tharracail, Diciadain 9.30 – 11.30, Acharacle Resource Centre
Casan Beaga, Baile Chaolais, Dihaoine 10 – 12, St Mary’s Church Hall, Glencoe
Rionnagan Beaga a’ Bhraighe, Dihaoine 10.15 – 11.30, Taigh na Sgoile, Roy Bridge
Anns a' mhòr-chuid de theaghlaichean bidh cloinn a' cleachdadh cànain a-measg a chèile. Chan eil seo na dhuilgheadas agus thèid a rèiteachadh thar ùine. Tha clann nas bualtaiche a bhith cleachdadh a' chànain a tha cumanta san dachaigh agus bidh pàrantan a tha cleachdadh na Gàidhlig feumach air taic leantainneach.
Faodaidh tu cuideachd na dòighean a leanas a chleachdadh air Gàidhlig a stèidheachadh san Dachaigh:
Tha e cuideachd feumail a bhith brosnachadh charaidean, nabaidhean 's feadhainn eile san teaghlach a bhith cleachdadh na Gàidhlig.
| No events |