Iomairt Ghàidhlig Loch Abair
Lochaber Gaelic Initiative

Àireamhan

Trath bhliadhnaichean - 07557481075

Sgeama Pàrant - 01463-234138

Clasaichean - 01463 724278

Òigridh - 01397-701988

Fèisean - 01397 704132

Rianachd - 01463-234138

Cànan

Tha an Iomairt air taic mhòr a thoirt do chlasaichean Gàidhlig thar na bliadhnaichean.  B' àbhaist gun robh na clasaichean gan lìbhrigeadh tro bhuidheann eile ach tha iad a-nis gan cur an gnìomh tro Chomhairle na Gàidhealtachd.  Chan eil mòran fiosrachadh ri fhaighinn an dràsta ach tha clasaichean airson luchd-tòiseachaidh gu bhith toiseachadh air 20 agus 23 den Ghearran 2012.  Cuir fios do Mhagaidh Mulholland airson tuilleadh fiosrachaidh air 01463-724278 no Post d;  Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Tha an Iomairt a' cur taic mhòr ri trèanadh agus togail ghoireasan le luchd-teagaisg Ùlpan. Ma tha ùidh aig duine sam bith a tha fileanta sa Ghàidhlig leig fios do Chaoimhin Rogers aig Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn. Tha sinn deònach taic-airgid a thoirt dhaibhsan tha airson Gàidhlig a theagasg tro Ùlpan.  

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' toirt chlasaichean do phàrantan le clann ann am foghlam Gàidhlig aig leth-phris. Tha seo airson taic a thoirt do theaghlaichean le Gàidhlig san dachaigh. Tuilleadh fiosrachaidh bho Mhairead Mulholland aig an àireamh gu h-àrd. 

A bharrachd air clasaichean, tha Iomairt a' libhrigeadh sheiseanan còmhraidh sa Ghearasdan gach seachdain. Tha sinn an dùil gun leudaich na seiseanan seo gu bailtean eile ann an Loch Abair. Fiosrachadh air tachartasan sa cholbh air an làimh dheis.