Iomairt Ghàidhlig Loch Abair
Lochaber Gaelic Initiative

Àireamhan

Trath bhliadhnaichean - 07557481075

Sgeama Pàrant - 01463-234138

Clasaichean - 01463 724278

Òigridh - 01397-701988

Fèisean - 01397 704132

Rianachd - 01463-234138

Cànan

Sgeama Comhairleachaidh Phàrant

Tha sinn an còmhnaidh a' sìreadh phàrantan ùra airson na h-obrach seo. Ma tha ùidh agad, leig fios thugainn air 01463-234138

Nip a' brosnachadh na GàidhligChaidh Sgeama Chomhairleachaidh Phàrant a steidheachadh gus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhrosnachadh agus a shanasachadh le pàrantan le eòlas a' toirt an teachdaireachd.  ‘S e lìonra de phàrantan a th’ anns an sgeama, a tha ag obair gus a’ togail mothachadh do chothroman FTMG air feadh na h-Alba.  Tha sinn den bheachd gum faod a’ chomhairle as fheàrr do phàrantan FTMG a tha san amharc a thighinn bho pàrantan eile le eòlas pearsanta air FTMG, mar phàrantan no luchd-cùraim chloinne gu làithreach ann am FTMG no a tha air a dhol tro FTMG.  Mar phàirt den sgeama, tha sinn air a bhith a’ togail air goireasan agus fiosrachadh do phàrantan.  ‘S e a’ phrìomh goireas an-drasta an leabhran, mu FTMG, ‘Fios is Freagairt’, agus am bliadhna tha sinn air DVD a bharantachadh a bhios a’ dol còmhla ris an leabhran.  Tha an sgeama cuideachd a’ faighinn taic bhon sgioba foghlam aig Bòrd na Gàidhlig.

Tha sinn gu math fortanach anns an sgìre Loch Abair a chionn 's gu bheil 8 pàrantan dìcheallach againn a tha an sàs ann an oidhirp sgoinneil gus togail air FTMG san sgìre aca.  Tha iad air  iomadh tachartasan soirbheachail a chur air dòigh am bliadhna, a’ toirt a-steach làithean fosgailte, fiosrachadh aig an Sgoil, agus a bhith an làthair aig Softplay gus bruidhinn ri pàrantan le cloinn òg ann an suidheachadh neo-fhoirmeil, mu dheidhinn na buannachdan aig FTMG agus dà-chànanas.  Tha na Pàrantan cuideachd an-dràsta ag obair air planaichean airson làithean fosgailte eile aig bun-sgoiltean an ath-bhliadhna agus a bhith an làthair aig Fèis an Teaghlaich ann am Baile a’ Chaolais tràth ann an 2012.  

Facebook Image

Tachartasan - Events